Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu - |
Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu - Family Learning Event in Skye – July 2012 |
|---|---|
Tha a’ Bhuidheann Ath-sgrùdaidh airson Gàidhlig aig Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLADRG) toilichte nochdadh gun tèid tachartas Ionnsachadh Teaghlaich airson theaghlaichean le Gàidhlig a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig (SMO) san Eilean Sgitheanach air an t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 2mh Iuchar 2012. Togaidh tachartas na bliadhna seo air na tachartasan soirbheachail a chaidh a chumail thairis air na h-ochd bliadhna a dh'fhalbh agus bidh a’ cholaiste, aon uair eile, air a ghabhail seachad airson an tachartais fad na seachdain. An-uiridh, ghabh còrr is 30 teaghlach bho air feadh na Gàidhealtachd, nan Eileanan agus meadhan Alba an cothrom tighinn a dh’ionnsachadh is a chluiche ann an àrainneachd Ghàidhlig aig a’ cholaiste ann an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus bha iad uile a’ dèanamh moladh mòr air na bhuannaich iad bhon tachartas. Airson tuilleadh fiosrachaidh, agus foirm iarrtais, bu chòir do theaghlaichean fios a chur gu Co-òrdanaiche a’ Phròiseict air post-d aig flw.clad@yahoo.co.uk no air am fòn air 0797 273 5413. Feumar iarrtasan a thilleadh gu Co-òrdanaiche a’ Pròiseict ro 31mh Màrt aig a’ char as fhaide. ’S ann gann a tha àiteachan agus, mar sin, thathar a’ moladh gun cuir sibh thugainn na foirmean iarrtais cho luath ’s a ghabhas. Thèid innse do theaghlaichean sa Ghiblean an do shoirbhich leotha len iarrtasan. Tha am pròiseact seo air a mhaoineachadh le CLADRG agus Bòrd na Gàidhlig agus thathar a’ toirt taing mhòr do Shabhal Mòr Ostaig agus do Chomhairle na Gàidhealtachd airson an taic. |
The Community Learning & Development Review Group for Gaelic (CLADRG) is pleased to announce that a Family Learning event for Gaelic-speaking families will be held at Sabhal Mòr Ostaig (SMO) on the Isle of Skye during the week beginning Monday 2nd July 2012. This year’s event will build on the success of the previous eight annual events and the college will again be dedicated to the event for its duration. Last year more than 30 families from across the Highlands, Islands and the central belt took advantage of the opportunity to learn and play in a Gaelic-speaking environment at the college in Sleat in the south of Skye and all were enthusiastic about the benefits of the experience. For more information, and for an application form, families should contact the Project Co-ordinator by e-mail on flw.clad@yahoo.co.uk or by telephone on 0797 273 5413. Application forms must be returned to the Project Co-ordinator by Places are limited, so early submission of applications is recommended. Families will be advised during April whether their applications have been successful. This project is funded by CLADRG and Bòrd na Gàidhlig and the support of Sabhal Mòr Ostaig and Highland Council is gratefully acknowledged. |